牛牛在线工具

A Ghaoil, Leig Dhachaigh Gum Mhàthair Mi - 歌词大全

856,550 条歌词资料,支持按歌名、歌手检索与随机阅读。

支持按歌名或歌手检索,歌词排版与版本可能存在差异。

A Ghaoil, Leig Dhachaigh Gum Mhàthair Mi

Julie Fowlis

歌手(原记录)
Julie Fowlis
作词 : Julie Fowlis 作曲 : Julie Fowlis A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi An tòir chrodh-laoigh a thàine mi. Gur ann a-raoir a chuala mi Mo ghaol a bhith ri buachailleachd, ’S ged fhuair thu ’n iomall na buaile mi, A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi. ’S mi dìreadh ris na gàrraidhean, ’S a’ teàrnadh ris na fàirichean, Gun d’ thachair fleasgach bàigheil rium, ’S cha d’ dh’ fheuch e bonn ga chàirdeis rium. Ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh, Ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh, Ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh, A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi. Trodaidh m’ athair ’s mo mhàthair riut, Trodaidh mo chinneadh ’s mo chàirdean riut, Ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu Mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi. Gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh, Gheall i ribean a b’ ùire dhomh, Is gheall i breacan ùr thoirt dhomh Ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi. A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi